Mu dhèidhinn

Sin sibh, is mise David Revoy agus ’s e neach-ealain Frangach a th’ annam ’s rugadh mi ann an 1981. Dh’ionnsaich mi air mo cheann fhèin agus tha mi glè dhèidheil air tarraing, peantadh, cait, coimpiutairean, cultar bun-tùis fhosgailte Gnu/Linux, an t-eadar-lìon, geamannan video RPG seann-nòsach, seann mhangas is animé, obair-ealain thradaiseanta, cultar na Seapaine, fantastachd…

Às dèidh m’ obair air mo cheann fhèin le peantadh digiteach, teagasg, obair-ealain bun-bheachd, dealbhachadh agus stiùireadh ealain fad còrr is 10 bliadhnaichean, thug mi romham tòiseachadh air a’ phròiseact agam fhèin. Lorg mi dòigh air a chuirinn a h-uile rud air a bheil mi dèidheil ri chèile agus thàinig Peabar ⁊ Curran às.

Am bloga agam: www.davidrevoy.com
Am post-d agam: info@davidrevoy.com

Thòisich mi ag obair air a’ phròiseact seo sa Chèitean 2014 agus fhuair mi taic o iomadh com-pàirtiche is neach-cuideachaidh air an rathad. Here is the list:


Credits:

Obair-ghlèidhidh teicnigeach is sgriobtadh:
CalimeroTeknik, Craig Maloney , David Revoy, Gleki Arxokuna, GunChleoc, Jookia, Mjtalkiewicz (aka Player_2), Nicolas Artance, Noel, Quetzal2, Valvin, Xhire.

Obair-ghlèidhidh choitcheann dhen stòr-dàta dhe dh’fhaidhlichean SVG:
3dnett, CalimeroTeknik, Châu, David Revoy, GunChleoc, Karl Ove Hufthammer, Marc "Mc" Jeanmougin, Midgard.

Obair-ghlèidhidh na làraich-lìn is gleusan ùra:
David Revoy, GunChleoc, Jookia, Valvin.

Eadar-theangachadh na làraich-lìn:

(Gàidhlig)
Eadar-theangachadh: GunChleoc.

Togail saoghal Hereva:

Cruthachadh: David Revoy.
Prìomh neach-glèidhidh: Craig Maloney.
Sgrìobhadairean: Craig Maloney, Nicolas Artance, Scribblemaniac, Valvin.
Ceartachadh: Alex Gryson, CGand, Hali, Moini, Willem Sonke.

Eapasodan:

Taing shònraichte do:


A h-uile pàtranach Peabar ⁊ Curran! Cha bhiodh a h-uile càil seo ann às ur n-aonais.
A h-uile eadar-theangaiche Peabar ⁊ Curran airson an cuideachadh:
Bat Blue, Butterfly, Elephant, Pink dog, Red Girafe.

Sgioba Framasoft airson na h-ionadan-tasgaidh ana-mhòr againn òstadh air an ionstans aca dhe Gitlab, Framagit.

Sgioba Libera.Chat agus sgioba Matrix.org airson seanail coimhearsnachd #pepper&carrot a thabhann dhuinn.

A h-uile bathar-bog saor le bun-tùs fosgailte on a chaidh 100% dhe na h-eapasodan de Pheabar ⁊ Curran a chruthachadh le bathar-bog saor air siostam-obrachaidh GNU/Linux. Seo an fheadhainn a chleachd mi gu h-àraidh:
- Krita airson obair-ealain (krita.org).
- Inkscape airson vector is builgeanan còmhraidh (inkscape.org).
- Blender airson obair-ealain is deasachadh video (blender.org).
- Kdenlive airson deasachadh video (kdenlive.org).
- Scribus airson pròiseact nan leabhraichean (scribus.net).
- Gmic airson criathragan is èifeachdan (gmic.eu).
- ImageMagickBash airson 90% dhen fhèin-obrachas air a’ phròiseact.
Agus mu dheireadh thall, dhan a h-uile luchd-leasachaidh a bheachdaich air aithrisean air bugaichean sònraichte do Pheabar ⁊ Curran ’s a chàraich iad:
A.l.e (Scribus), Boudewijn Rempt (Krita), David Tschumperlé (Gmic), Dmitry Kazakov (Krita), Jean Ghali (Scribus), Marc Jeanmougin (Inkscape), Tavmjong Bah (Inkscape), Wolthera van Hövell tot Westerflier (Krita).

… agus neach sam bith eile nach do smaoinich mi air.



Ceadachas:

CC BY
Tha an obair seo ’ga fhoillseachadh fo cheadachas Creative Commons Attribution 4.0 International
Còir-lethbhreac © David Revoy 2026, www.peppercarrot.com

ALPHA website: work in progress, version 202603a | Page loaded in: 0.016340 seconds|| $lang: gd | favlang: || $mode: about | $content: index | $option: | $test: 0_sources/ep03_The-Green-Shadow/lang/fr/info.json