Mu dhèidhinn
Sin sibh, is mise David Revoy agus ’s e neach-ealain Frangach a th’ annam ’s rugadh mi ann an 1981. Dh’ionnsaich mi air mo cheann fhèin agus tha mi glè dhèidheil air tarraing, peantadh, cait, coimpiutairean, cultar bun-tùis fhosgailte Gnu/Linux, an t-eadar-lìon, geamannan video RPG seann-nòsach, seann mhangas is animé, obair-ealain thradaiseanta, cultar na Seapaine, fantastachd…
Às dèidh m’ obair air mo cheann fhèin le peantadh digiteach, teagasg, obair-ealain bun-bheachd, dealbhachadh agus stiùireadh ealain fad còrr is 10 bliadhnaichean, thug mi romham tòiseachadh air a’ phròiseact agam fhèin. Lorg mi dòigh air a chuirinn a h-uile rud air a bheil mi dèidheil ri chèile agus thàinig Peabar ⁊ Curran às.
Am bloga agam: www.davidrevoy.com
Am post-d agam: info@davidrevoy.com
Thòisich mi ag obair air a’ phròiseact seo sa Chèitean 2014 agus fhuair mi taic o iomadh com-pàirtiche is neach-cuideachaidh air an rathad.
Here is the list:
Credits:
Obair-ghlèidhidh teicnigeach is sgriobtadh: CalimeroTeknik,
Craig Maloney ,
David Revoy,
Gleki Arxokuna,
GunChleoc,
Jookia, Mjtalkiewicz (aka Player_2),
Nicolas Artance,
Noel,
Quetzal2,
Valvin,
Xhire.
Obair-ghlèidhidh choitcheann dhen stòr-dàta dhe dh’fhaidhlichean SVG: 3dnett,
CalimeroTeknik,
Châu,
David Revoy,
GunChleoc,
Karl Ove Hufthammer,
Marc "Mc" Jeanmougin,
Midgard.
Obair-ghlèidhidh na làraich-lìn is gleusan ùra: David Revoy,
GunChleoc,
Jookia,
Valvin.
Eadar-theangachadh na làraich-lìn:
(Gàidhlig)
Eadar-theangachadh: GunChleoc.
Togail saoghal Hereva:
Cruthachadh:
David Revoy.
Prìomh neach-glèidhidh:
Craig Maloney.
Sgrìobhadairean:
Craig Maloney,
Nicolas Artance, Scribblemaniac,
Valvin.
Ceartachadh:
Alex Gryson,
CGand,
Hali, Moini,
Willem Sonke.
Eapasodan:
Taing shònraichte do:
A h-uile pàtranach Peabar ⁊ Curran! Cha bhiodh a h-uile càil seo ann às ur n-aonais.
A h-uile eadar-theangaiche Peabar ⁊ Curran airson an cuideachadh:
Bat Blue,
Butterfly,
Elephant,
Pink dog,
Red Girafe.
Sgioba Framasoft airson na h-ionadan-tasgaidh ana-mhòr againn òstadh air an ionstans aca dhe Gitlab, Framagit.
Sgioba Libera.Chat agus sgioba Matrix.org airson seanail coimhearsnachd #pepper&carrot a thabhann dhuinn.
A h-uile bathar-bog saor le bun-tùs fosgailte on a chaidh 100% dhe na h-eapasodan de Pheabar ⁊ Curran a chruthachadh le bathar-bog saor air siostam-obrachaidh GNU/Linux. Seo an fheadhainn a chleachd mi gu h-àraidh:
-
Krita airson obair-ealain (krita.org).
-
Inkscape airson vector is builgeanan còmhraidh (inkscape.org).
-
Blender airson obair-ealain is deasachadh video (blender.org).
-
Kdenlive airson deasachadh video (kdenlive.org).
-
Scribus airson pròiseact nan leabhraichean (scribus.net).
-
Gmic airson criathragan is èifeachdan (gmic.eu).
-
ImageMagick ⁊
Bash airson 90% dhen fhèin-obrachas air a’ phròiseact.
Agus mu dheireadh thall, dhan a h-uile luchd-leasachaidh a bheachdaich air aithrisean air bugaichean sònraichte do Pheabar ⁊ Curran ’s a chàraich iad:
A.l.e (Scribus),
Boudewijn Rempt (Krita),
David Tschumperlé (Gmic),
Dmitry Kazakov (Krita),
Jean Ghali (Scribus),
Marc Jeanmougin (Inkscape),
Tavmjong Bah (Inkscape),
Wolthera van Hövell tot Westerflier (Krita).
… agus neach sam bith eile nach do smaoinich mi air.
Ceadachas:

Tha an obair seo ’ga fhoillseachadh fo
cheadachas Creative Commons Attribution 4.0 International
Còir-lethbhreac © David Revoy 2026,
www.peppercarrot.com